English Aragonés Català Danske Español Français Gàidhlig Japanese português do Brasil Svenska

Foillseachadh Tux Paint 0.9.22

Bathar-bog peantaidh Open Source dhan chlann le innealan ùra, barrachd chànanan agus so-inntrigeachd leasaichte

(Davis, CA, USA — 23mh dhen Lùnastal 2014) Tha sgioba leasachaidh Tux Paint moiteil Tux Paint 0.9.22 a thoirt dhuibh, seo an tionndadh as ùire dhen phrògram peantaidh dhan chlann a bhuannaich duaisean 's a tha saor 's an-asgaidh.

Taing do barrachd air 170 daoine air fheadh an t-saoghail, tha Tux Paint 0.9.22 a' toirt dhuibh 14 innlean draoidheach ùra, 40 dealbh teamplaid ùr, cha mhòr 200 stampa ùr, taic do SVG 's teamplaidean KidPix agus inneal teacsa pisichte. Bheir e dhuibh cuideachd leasachadh air an t-so-inntrigeachd, a' gabhail a-steach innealan-tomhaidh meur-chlàir 's joystick agus meur-chlàr air an sgrìn.

Fhuair Tux Paint buannachd à taic eadar-theangachaidh o luchd saor-thoileach o fheadh an t-saoghail a-riamh. Chan eil tionndadh 0.9.22 'na eisgeachd le eadar-theangachadh gu 30 cànan ùr: a còig on Roinn-Eòrpa (Aragonais, Bosnais, Lugsamburgais, Sèirbis, Valencian 's Venetian), barrachd 's dusan o na h-Innseachan (Assamais, Kannada, Konkani, Maithili, Malayalam, Manipuri, Marathi, Neapàlais, Odia, Panjabi, Sanskrit, Santali agus Sinhala), a naoi o Afraga (Acholi, Akan, Amharais, Bambara, Fula, Kiga, Luganda, Leasotais Thuathach agus Zulu) co math ri Airmeinis, Peirsis, Sundanese agus Inuktitut. Chaidh an 90 cànan ris an cuirear Tux Paint taic mar-thà ùrachadh cuideachd.

'S urrainn dhut Tux Paint luchdadh a-nuas an-asgaidh o làrach-lìn a' phròiseict air www.tuxpaint.org.

Tha tionndadh 0.9.22 ri làimh an-dràsta airson Microsoft Windows, Red Hat Linux, Fedora Linux agus 'na bhun-tùs. Tha sinn fhathast ag ullachadh na h-ùrachaidhean airson Apple Mac OS X, Debian Linux agus Ubuntu.

Airson liosta shlàn de na tha ùr, thoir sùil air a' Tux Paint change log, Tux Paint Config. change log, agus Tux Paint Stamps change log.

Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.tuxpaint.org. Mu mar a chuireas tu taic ris a' phròiseact Tux Paint, tadhail air: www.tuxpaint.org/help.

###


Conaltradh airson luchd-naidheachd

Taobh Tuath Aimeireaga
Bill Kendrick
Stàitean Aonaichte Aimeireaga
Fòn: (530) 902-7416
Post-d: bill@newbreedsoftware.com

Aimeireaga a Deas
Frederico Goncalves Guimarães
Belo Horizonte - MG, Braisil
Post-d: frederico@teia.bio.br

An Roinn-Eòrpa
Joe Dalton
An Danmhairg
Post-d: joedalton2@yahoo.dk

Pere Pujal i Carabentes
An Spainn
Post-d: perepujal@gmail.com

 

Fios air comharran-malairt: Tha Linux 'na chomharra-malairt aig Linus Torvalds. Tha Apple agus Mac OS X 'nan comharran-malairt aig Apple Computer, Inc. Tha Microsoft agus Windows 'nan comharran-malairt aig Microsoft Corp. Tha Red Hat 'na chomharra-malairt aig Red Hat, Inc. Tha KidPix 'na chomharra-malairt aig The Software MacKiev Company.

Brath-naidheachd le: Bill Kendrick, Melissa Hardenbrook Larry Cafiero, agus Foram na Gaidhlig.


URL airson a' bhratha-naidheachd seo: http://www.tuxpaint.org/latest/tuxpaint-0.9.22-press-release-gd.php3